Breisleach - James Graham

Breisleach - James Graham

  • 출시년도: 2004
  • 언어: 게일 말
  • 지속: 4:01

아래는 노래 가사입니다. Breisleach , 아티스트 - James Graham 번역 포함

노래 가사 " Breisleach "

번역이 포함된 원본 텍스트

Breisleach

James Graham

Chaidh mi’n dè dhan choille Challtainn

Shireadh chnòthan airson biadh

Ach 'se bh’air a h-uile geug ach

D’aodann-sa gam thriall

Chaidh mi’n dè gu tràigh a' mhaoraich

Lòn de choilleagan a bhuain

Nochd a h-uile slige neamhnaid

D'àilleachd-sa a-luaidh

Chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda

Son do sgiùrsadh as mo cheann

H-uile glainne thog mi thaom do

Mhaiseachd aist' na deann

Chlaon mi tràth a-raoir dham leabaidh

Thusa ruagadh as le suain

Ach cha tug thu cead dhomh cadal

Gus an dèanainn duan

Dh’iarrainn-sa bhith saor od thòireadh

Ach gu bheil sinn roinnt' o chèil'

Do chumadh bhith an àit' do shamhla

Agam bhios an fhèill

Dh’fhàg thu mi 'nam bhaothair gòrach

Bòdhradh chàirdean le do chliù

Nuair a thig thu chì iad nach eil

Mearachd ann am fhiù

Chì iad sgurr a' danns le saobh-shruth

Famh is iolair' anns an ruidhl'

Stamh gu caomh ag altram sùbh-làir

Mireadh mu an sùil

Chì iad mis' is thusa sùgradh

Bil ri bil ar n-anail aoint'

Cniadachadh mar seo gu sìor le

Chéile b' e ar maoin

사이트에 새로운 텍스트와 번역이 추가되었습니다:

200만 개 이상의 가사

다양한 언어로 된 노래

번역

모든 언어로 고품질 번역

빠른 검색

몇 초 만에 원하는 텍스트를 찾으세요