아래는 노래 가사입니다. Sguaban Arbhair , 아티스트 - Runrig 번역 포함
번역이 포함된 원본 텍스트
Runrig
Bha mi raoir a' siubhal drathair
'S thainig dealbh do mo laimh
Dealbh mo sheannmh’air is mo shean’air
'S balach og na shuidh' ri’n taobh
'S iad ag obair aig na sguaban arbhair
Shuidh mi g’an coimhead fad' na h-oidhch'
Thainig cianalas na m’chridhe
'S thainig cuideam na mo laimh
Uair eile gu bhith dhachaidh
Uair eile gu bhith beo
Ruith mu’n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhith og
Cha’n e aois a tha mi sabaid
Cha’n e mo bheatha nach eil slan
'S e bhith fuireach ann a' saoghal maide
Le chuid daoin' nach tuig mo chainnt
Uair eile gu bhith dhachaidh
Uair eile gu bhith beo
Ruith mu’n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhith og
Dh’fhalbh mo sheannmh’air 's mo shean’air
Thuit na sguaban arbhair sios
Dh’fhalbh mi gu saobhal eile
'S dh’fhalbh a' Ghaidhlig bho mo bheul
Uair eile gu bhith dhachaidh
Uair eile gu bhith beo
Ruith mu’n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhith og
다양한 언어로 된 노래
모든 언어로 고품질 번역
몇 초 만에 원하는 텍스트를 찾으세요